A dh’aithris daoine glice, agus nach do cheil an athraichean orra:
Tha araon an ceann-liath agus an t‑aosmhor nar measg-ne nas sine gu mòr na d’athair.
Innsidh mi dhut, èisd rium; agus na chunnaic mi, cuiridh mi an cèill;
Don tugadh nan aonar an talamh, agus cha d’imich coigreach nam measg.
Nach aithne dhut seo o chian, o shuidhicheadh an duine air thalamh,
Oir fiosraich, guidheam ort, den linn roimhe, agus deasaich thu fhèin a‑chum rannsachadh an athraichean:
Agus a‑nis, nuair a tha mi sean agus liath, a Dhè, na trèig mi; gus an cuir mi an cèill do neart don àl seo, do gach àl ri teachd do chumhachd.
Am beò, am beò, molaidh esan thu, mar a nì mise air an là‑an‑diugh; foillsichidh an t‑athair don chloinn do thairisneachd.