Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 15:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach gràineile agus nach salaiche gu mòr an duine, a dh’òlas euceart mar uisge?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Innsidh mi dhut, èisd rium; agus na chunnaic mi, cuiridh mi an cèill;

Ged robh an t‑olc milis na bheul, ged fhalaich e e fo a theangaidh;

Cò an duine a tha cosmhail ri Iob, a dh’òlas suas magadh mar uisge?

Nach lugha na sin asdasan, a tha nan còmhnaidh ann an taighean creadha, aig a bheil am bunait anns an duslach, a bhruthar ron leòmann?

Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre.

Chaidh gach aon dhiubh air ais; tha iad gu lèir air fàs salach; chan eil neach ann a nì math, chan eil eadhon aon.

Nì fianais aingidh tarcais air breitheanas; agus sluigidh beul dhroch dhaoine euceart.

Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas-umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana-miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan