Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 15:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Carson a tha do chridhe gad thoirt air falbh, agus carson a tha do shùilean a’ caogadh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ma dheasaicheas tu do chridhe, agus gun sìn thu da ionnsaigh do làmhan;

Gu bheil thu a’ tionndadh do spioraid an aghaidh Dhè, agus a’ leigeadh an leithidean sin de bhriathran a‑mach as do bheul?

Nach eil luchd-fanaid maille rium? Agus nam brosnachadh nach eil mo shùil a’ buanachadh?

Ach càrnaidh na cealgairean anns a’ chridhe suas fearg; chan èigh iad nuair a cheanglas e iad.

Na dèanadh iadsan a tha nan naimhdean dhomh gu h‑eucorach gàirdeachas os mo chionn; iadsan aig a bheil fuath dhomh gun adhbhar, na caogadh iad len sùil.

Caogaidh e le a shùil, bheir e sanas le a chois, teagaisgidh e le mheòir.

Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu.

Gabh aithreachas uime sin ded olc seo, agus guidh air Dia, ma dh’fhaodar gum maithear dhut smuain do chridhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan