Agus chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa?
Eadhon mar sin dh’atharraicheadh e thusa à meadhon teanntachd gu àite farsaing, far nach eil teanntachd air bith; agus bhiodh na chuirte air do bhòrd làn de shaill.
An sin bhiodh furtachd agam fhathast, ged bhithinn air mo chruadhachadh ann an do‑bhròn, agus nach caomhnadh e; oir cha do cheil mi briathran an Aoin naoimh.