Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 14:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tionndaidh uaithe a‑chum gum bi fois aige, gus an coilean e mar fhear-tuarasdail a là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Nach tearc mo làithean? Sguir, matà, agus leig leam, agus gum faigh mi beagan comhfhurtachd,

Oir tha dòchas à craoibh, ma ghearrar sìos i, gum fàs i a‑rìs, agus nach fàilnich a faillean òg.

Tha mi a’ gabhail gràin dheth; cha b’àill leam a bhith beò gu bràth: leig leam, oir is dìomhanas mo làithean.

Cia fhad a bhios tu gun dealachadh rium? Agus nach leig thu leam gus an sluig mi sìos mo shile?

O caomhainn mi a‑chum gum faigh mi neart mun siubhail mi, agus nach bi mi ann nas mò!

Ach a‑nis labhair an Tighearna ag ràdh, An ceann trì bliadhna, mar bhliadhnachan fir-thuarasdail, nìthear glòir Mhòaib tàireil, le a mhòr-shluagh uile; agus bidh am fuidheall ro‑bheag agus anfhann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan