Gidheadh air a leithid sin dh’fhosgail thu do shùilean; agus mise tha thu a’ tabhairt gu breitheanas maille riut.
Am bris thu an duilleag a thilgear a‑null agus a‑nall? Agus an ruaig thu an asbhuain thioram?
Agus tha thu a’ cur mo chas anns a’ cheap, agus a’ geur-amharc air mo shlighean gu lèir, agus a’ cur chomharraidhean air bonnan mo chas.
Air eagal romhad an cronaich e thu? An tèid e a‑chum breitheanais leat?
Oir cha duine e mar a tha mise, gum freagrainn e, gun tigeamaid cuideachd gu breitheanas.
Agus na tig ann am breitheanas led òglach; oir ann ad fhianais chan fhìreanaichear duine beò air bith.
A Thighearna, ciod e an duine gu bheil thu a’ gabhail eòlais air, mac an duine gu bheil meas agad air?
Cò e an duine gum biodh tusa cuimhneachail air, agus mac an duine gum fiosraicheadh tu e?
A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.