Gu deimhinn, tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh dìomhain; gu deimhinn, cuirear mì‑shuaimhneas orra gu faoin; càrnaidh neach suas beartas, gun fhios aige cò a mhealas e.
Oir tha fhios aig na beòthan gum faigh iad bàs: ach chan eil fhios nì air bith aig na mairbh, cha mhò tha luigheachd aca nas mò; oir thèid an cuimhne air dhìochuimhn.
Gu deimhinn is tusa ar n‑Athair, ged nach aithne do Abrahàm sinn, agus nach eil Israel a’ gabhail rinn; is tusa, a Thighearna, ar n‑Athair, ar Fear-saoraidh; tha d’ainm o shìorraidheachd.
Agus mu àm a bàis, thubhairt na mnathan a bha a’ seasamh làimh rithe, Na biodh eagal ort, oir rug thu mac. Ach cha do fhreagair ise, cha mhò a thug i fa‑near e.