Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 14:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar bhlàth thig e a‑mach, agus gearrar sìos e: agus teichidh e mar sgàil, agus chan fhan e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Oir is coigrich sinne ad fhianais agus luchd-cuairt, mar ar n‑athraichean uile: mar fhaileas tha ar làithean air thalamh, agus chan eil buanas ann.

Crathaidh e dheth mar an fhìonain a fhìondhearcan anabaich, agus tilgidh e dheth mar an crann-ola a bhlàth.

O mhadainn gu feasgar bruthar iad; gun neach ann ga thoirt fa‑near, thèid as dhaibh gu bràth.

(Oir on dè tha sinne, agus chan aithne dhuinn, a chionn gur sgàil ar làithean air thalamh:)

Tha mo làithean mar sgàil ag aomadh sìos, agus tha mi fhèin mar fheur air seargadh.

Ach mairidh tusa, a Thighearna, gu bràth, agus do chuimhne o linn gu linn.

Le guth m’osnaich, lean mo chnàmhan rim fheòil.

Is cosmhail an duine ri dìomhanas; tha a làithean mar sgàil a ghabhas seachad.

Oir mar am feur gearrar gu grad sìos iad, agus mar an luibh ghlas seargaidh iad.

Feuch, mar leud boise rinn thu mo làithean, agus tha m’aois mar neoni ad fhianais: gu deimhinn, is dìomhanas gach duine da fheabhas. Selah.

Agus a‑nis ciod ris am feith mi, a Thighearna? Tha mo dhòchas annadsa.

Mar chrann-pailme thig am fìrean fo bhlàth; mar sheudair air Lebanon fàsaidh e suas.

Nuair a chinneas na h‑aingidh mar fheur, agus a thig uile luchd-dèanamh na h‑euceirt fo bhlàth, bidh iad air an sgrios am feasd.

Ach chan èirich gu math don aingidh, cha mhò a shìneas e a làithean; mar sgàil bidh esan air nach bi eagal an làthair Dhè.

Nuair nach eil fhios agaibh ciod a thàrlas air a’ mhàireach: oir ciod i ur beatha? Is deatach i a chìthear rè ùine bhig, agus an dèidh sin a thèid as an t‑sealladh.

Oir tha gach uile fheòil mar fheur, agus uile ghlòir dhaoine mar bhlàth an fheòir. Seargaidh am feur, agus tuitidh a bhlàth dheth:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan