Oir a‑nis tha thu ag àireamh mo cheum: agus nach eil thu ri faire air mo pheacadh?
Ma pheacaicheas mi, bheir thu fa‑near mi, agus om euceart cha saor thu mi.
Gun sireadh tu airson m’euceirt, agus gun rannsaicheadh tu airson mo pheacaidh?
Agus tha thu a’ cur mo chas anns a’ cheap, agus a’ geur-amharc air mo shlighean gu lèir, agus a’ cur chomharraidhean air bonnan mo chas.
Nach eil e a’ faicinn mo shlighean, agus ag àireamh mo cheuman gu lèir?
The e a’ cur mo chas anns a’ cheap; tha e a’ geur-amharc air mo cheuman gu lèir.
Oir tha a shùilean air slighean duine, agus chì e a cheuman gu lèir.
Tha iad a’ cruinneachadh le chèile, tha iad gam falach fhèin; tha iad a’ toirt fa‑near mo cheuman nuair a tha iad a’ feitheamh airson m’anama.
Oir fa chomhair sùilean an Tighearna tha slighean an duine, agus tha e a’ cothromachadh a cheuman uile.
Mòr ann an comhairle, agus cumhachdach ann an gnìomh (oir tha do shùilean fosgailte air uile shlighean clann nan daoine, a thoirt do gach aon a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a ghnìomharan);