Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 14:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar sin laighidh an duine sìos, agus chan èirich e, gus nach bi na nèamhan ann, cha mhosgail iad, agus cha dùisgear as an cadal iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Oir a‑nis laighinn sìos, agus gheibhinn fois; chaidlinn, an sin bhiodh tàmh agam;

Oir tha fhios agam gun toir thu mi gu bàs, agus a‑chum an taighe a dh’òrdaicheadh do gach uile bheò.

Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.

Caithear an neul, is thèid e as; mar sin esan a thèid sìos don uaigh, cha tig e a‑nìos.

Thèid as dhaibhsan, ach mairidh tusa; fàsaidh iadsan uile sean mar aodach; mar thrusgan caochlaidh tu iad, agus bidh iad air an caochladh.

Dh’fhuadaich thu iad mar le sruth; mar chadal tha iad; anns a’ mhadainn tha iad mar fheur a dh’fhàsas suas.

Ach ma mhaireas duine iomadh bliadhna, agus gun dèan e gàirdeachas annta uile, gidheadh cuimhnicheadh e làithean an dorchadais, gum bi iad lìonmhor. Is dìomhanas gach nì a thig.

Mar an ceudna, nuair a bhios eagal orra ro nì àrd, agus a bhios uamhasan anns an t‑slighe, agus a bhios a’ chraobh-almoin fo bhlàth, agus a bhios an leumnach uaine na eallaich, agus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall da chòmhnaidh bhuan, agus gu bheil an luchd-cumhaidh a’ dol mun cuairt anns na sràidean;

Thig do mhairbh beò; maille rim chorp marbh-sa èiridh iad. Dùisgibh agus seinnibh, sibhse tha a chòmhnaidh anns an duslach; oir tha do dhrùchd mar dhrùchd luibhean; agus tilgidh an talamh a‑mach na mairbh.

Togaibh ur sùilean suas ris na nèamhan, agus amhaircibh air an talamh shìos; oir sgaoilear o chèile na nèamhan mar dheataich, agus fàsaidh an talamh sean mar thrusgan; agus bàsaichidh a luchd-àiteachaidh air a’ mhodh cheudna; ach mairidh mo shlàinte-sa gu sìorraidh, agus cha tèid m’fhìreantachd air chùl.

Oir feuch, cruthaichidh mi nèamhan nuadha agus talamh nuadh; agus cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine.

Oir amhail a mhaireas na nèamhan nuadha, agus an talamh nuadh, a tha mi a’ cruthachadh, ann am fhianais, deir an Tighearna, mar sin mairidh ur sliochd-se, agus ur n‑ainm.

Agus dùisgidh mòran dhiubhsan a tha nan cadal ann an duslach na talmhainn, cuid gu beatha shìorraidh, agus cuid gu nàire agus masladh bith-bhuan.

Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

Neach as èiginn do nèamh a ghabhail gu aimsirean aiseag nan uile nithean, air an do labhair Dia le beul a fhàidhean naomha uile, o thoiseach an t‑saoghail.

Oir chuireadh an cruthachadh fo dhìomhanas, chan ann le a thoil, ach trìdsan a chuir fo dhìomhanas e;

Uime sin tha e ag ràdh, Mosgail, thusa a tha ad chadal, agus èirich o na mairbh, agus bheir Crìosd solas dhut.

Ach tha na nèamhan agus an talamh a tha a‑nis ann, leis an fhacal sin fhèin air an tasgadh suas, agus air an gleidheadh fa chomhair teine air cheann là a’ bhreitheanais, agus sgrios dhaoine an‑diadhaidh.

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis; agus cha robh fairge ann nas mò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan