Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 14:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach bàsaichidh fear, agus thèid gu tur as dha; agus bheir duine suas an deò, agus càit a bheil e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chrìochnaich Iàcob àitheantan a thoirt da mhic, chruinnich e a chasan suas don leabaidh, agus chaochail e, agus chruinnicheadh e a‑chum a dhaoine.

Oir is coigrich sinne ad fhianais agus luchd-cuairt, mar ar n‑athraichean uile: mar fhaileas tha ar làithean air thalamh, agus chan eil buanas ann.

Carson, matà, a thug thu a‑mach as a’ bhroinn mi? Och nach tug mi suas an deò, gun sùil gam fhaicinn!

Ach fàilnichidh sùilean nan aingidh, agus dol as cha bhi aca; agus bidh an dòchas mar thoirt suas an deò.

A bheil e math gun rannsaicheadh e a‑mach sibh? Mar a nìthear fanaid air duine, an dèan sibh fanaid airsan?

Mar sin laighidh an duine sìos, agus chan èirich e, gus nach bi na nèamhan ann, cha mhosgail iad, agus cha dùisgear as an cadal iad.

Trìd fhàile an uisge ùr‑fhàsaidh i, agus bheir i a‑mach geugan mar òg‑chraoibh.

Agus an dèidh dhaibh seo mo chraiceann a chnàmh, gidheadh ann am fheòil gum faic mi Dia:

Mar a aolach fhèin gu bràth thèid as dha: their iadsan a chunnaic e, Càit a bheil e?

Carson nach d’eug mi on bhroinn? Carson, nuair a thàinig mi as a’ bholg, nach tug mi suas an deò?

Oir a‑nis laighinn sìos, agus gheibhinn fois; chaidlinn, an sin bhiodh tàmh agam;

Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.

Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.

Thèid iad uile do aon àite; tha iad uile on duslach, agus tillidh iad uile don duslach.

Cò don aithne spiorad clann nan daoine a thèid suas, agus spiorad an ainmhidh a thèid sìos a‑chum na talmhainn?

Agus nuair a dh’èigh Iosa a‑rìs le glaodh mòr, thug e suas a spiorad.

An sin thuit i air ball aig a chasan, agus chaidh an deò aisde: agus air do na h‑òganaich teachd a‑steach, fhuair iad i marbh, agus air dhaibh a giùlan a‑mach, dh’adhlaic iad làimh ri a fear i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan