Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 14:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha an duine a rugadh o mhnaoi geàrr-shaoghalach, agus làn àmhghair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus ri Adhamh thubhairt e, Do bhrìgh gun d’èisd thu ri guth do mhnà, agus gun d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut, ag ràdh, Chan ith thu dhith, tha an talamh mallaichte air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile làithean do bheatha;

Agus thubhairt Iàcob ri Phàraoh, Is iad làithean bliadhnachan mo chuairte ceud agus deich-bliadhna-fichead: bu tearc agus olc làithean bliadhnachan mo bheatha, agus cha do ràinig iad làithean bliadhnachan beatha m’athraichean ann an làithean an cuairte-san.

Agus thubhairt e ra athair, Mo cheann, mo cheann! Agus thubhairt esan ri òglach, Tog leat e a dh’ionnsaigh a mhàthar.

Nach tearc mo làithean? Sguir, matà, agus leig leam, agus gum faigh mi beagan comhfhurtachd,

Cò e an duine, gum biodh e glan? Agus gun saoradh esan e fhèin, a rugadh o mhnaoi?

Cionnas, matà, a shaorar duine an làthair Dhè? Agus cionnas a bhios esan glan a rugadh o mhnaoi?

Amhairc eadhon air a’ ghealaich, agus cha dealraich i; agus chan eil na rionnagan glan na shealladh.

Gidheadh, rugadh an duine a‑chum carraid, mar a dh’èireas na sradan suas.

Nach eil àm suidhichte aig an duine air thalamh, agus mar làithean fhir-tuarasdail a làithean?

Tha mo làithean nas luaithe na spàl figheadair, agus tha iad air an caitheamh gun dòchas.

(Oir on dè tha sinne, agus chan aithne dhuinn, a chionn gur sgàil ar làithean air thalamh:)

Bha mo làithean na bu luaithe na gille-ruith: theich iad air falbh, chan fhaca iad math.

Feuch, mar leud boise rinn thu mo làithean, agus tha m’aois mar neoni ad fhianais: gu deimhinn, is dìomhanas gach duine da fheabhas. Selah.

Gu deimhinn, tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh dìomhain; gu deimhinn, cuirear mì‑shuaimhneas orra gu faoin; càrnaidh neach suas beartas, gun fhios aige cò a mhealas e.

Feuch, ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhàthair mi na broinn.

Cuimhnich cia geàrr m’aimsir; carson a chruthaich thu gu dìomhain clann nan daoine uile?

Uime sin dh’fhuathaich mi beatha, a chionn gur doilgheasach dhomh an obair a dh’obraichear fon ghrèin: oir is dìomhanas na h‑uile nithean agus buaireadh spioraid.

Oir is doilgheasan a làithean uile, agus is do‑bhròn a shaothair: eadhon anns an oidhche cha ghabh a chridhe fois. Is dìomhanas seo mar an ceudna. Seo mar an ceudna chunnaic mi, gur ann o làimh Dhè a tha e.

Cuime an tàinig mi a‑mach as a’ bhroinn a dh’fhaicinn mì‑shuaimhneis agus bròin, agus a chaitheamh mo làithean ann am masladh?

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nam measg-san a rugadh le mnathan, nach d’èirich neach as mò na Eòin Baistidh: gidheadh, an tì sin as lugha ann an rìoghachd nèimh, is mò e na esan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan