Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 13:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A bheil e math gun rannsaicheadh e a‑mach sibh? Mar a nìthear fanaid air duine, an dèan sibh fanaid airsan?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Aigesan tha neart agus gliocas: is leis-san esan a mheallar, agus esan a mheallas.

Ach bàsaichidh fear, agus thèid gu tur as dha; agus bheir duine suas an deò, agus càit a bheil e?

Nach eil luchd-fanaid maille rium? Agus nam brosnachadh nach eil mo shùil a’ buanachadh?

Is e mo mhiann Iob a bhith air a dhearbhadh a‑chum na crìche, airson a fhreagraidhean le daoine aingidh.

Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean;

Nach rannsaich Dia seo a‑mach, oir tha fhios aigesan air nithean diamhair a’ chridhe?

Agus a‑nis, na bithibh ri fanaid, air eagal gun dèanar ur cuibhrichean làidir; oir chuala mi o Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, sgrios, eadhon air a shònrachadh air an tìr uile.

Tha mise Iehòbhah a’ rannsachadh a’ chridhe, agus a’ sgrùdadh nan àirnean, a‑chum gun tabhair mi do gach neach a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a dhèanadais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan