An labhair sibh gu h‑aingidh airson Dhè? Agus air a shon-san an labhair sibh gu cealgach?
Agus chruinnich Iehu an sluagh uile, agus thubhairt e riu, Rinn Ahab beagan seirbhis do Bhàal, ach nì Iehu mòran seirbhis dha.
Aigesan tha neart agus gliocas: is leis-san esan a mheallar, agus esan a mheallas.
Cluinnibh a‑nis mo thagradh, agus èisdibh ri deasbaireachd mo bhilean.
Esan a nì miodal ra chàirdean, fàilnichidh sùilean a chloinne.
Cha labhair mo bhilean aingidheachd, agus cha chan mo theanga cealg.
Oir gu cinnteach cha bhi mo bhriathran breugach: tha esan a tha iomlan ann an eòlas maille riut.
Cuimhnich, guidheam ort, cò e an neochiontach a sgriosadh? No càit an do ghearradh as na h‑ionracain?
Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia.
Ach chuir sinn cùl ri nithean falaichte na nàire, gun sinn a bhith a’ siubhal ann an ceilg, no a’ truailleadh facal Dhè, ach le foillseachadh na fìrinn gar moladh fhèin do chogais nan uile dhaoine ann an sealladh Dhè.