Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 13:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O nach robh sibh gu tur nur tosd! agus b’e sin ur gliocas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

An toir do bhreugan-sa air daoine a bhith nan tosd? Agus nuair a nì thu fanaid, nach cuir duine air bith nàire ort?

Bithibh nur tosd am thaobh-sa, agus labhraidh mi, agus thigeadh orm na dh’fhaodas.

Cluinnibh a‑nis mo thagradh, agus èisdibh ri deasbaireachd mo bhilean.

Am bi crìoch air briathran gaoithe? No ciod a tha a’ toirt an dànadais dhut gu bheil thu a’ freagairt?

Cia fhada gus an cuir sibh crìoch air briathran? Tuigibh, agus na dhèidh sin labhramaid.

Cia fhada a chuireas sibh doilgheas air m’anam, agus a bhriseas sibh mo chridhe le briathran?

Amhaircibh orm, agus biodh ioghnadh oirbh, agus cuiribh ur làmh air ur beul.

An sin sguir an triùir dhaoine seo de thoirt freagraidh air Iob, a chionn gu robh e ionraic na shùilean fhèin.

Agus dh’fheith mi, ach cha do labhair iad; ach sheas iad, agus cha do fhreagair iad na bu mhò.

Measar an t‑amadan fhèin, nuair a bhios e na thosd, na dhuine glic; agus an tì a dhruideas a bhilean na dhuine tuigseach.

Oir thig aisling le iomadalachd ghnothaichean, agus aithnichear guth amadain le iomadalachd bhriathar.

Air an adhbhar sin fanaidh an duine glic na thosd anns an àm sin; oir is aimsir olc i.

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, biodh gach duine ealamh a‑chum èisdeachd, mall a‑chum labhairt, mall a‑chum feirge:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan