Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 13:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir is luchd-cumaidh bhreug sibhse, lèighean nach fiù sibh uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

An sin chuir mi fios da ionnsaigh, ag ràdh, Cha do rinneadh nithean sam bith mar a tha thu ag ràdh, ach is ann as do chridhe fhèin a tha thu gan dealbh.

Chuala mi mòran den leithidean sin: is luchd-comhfhurtachd truagh sibh uile.

Feuch, chunnaic sibh fhèin uile e; carson, matà, a tha sibh cho ro‑fhaoin?

Mheall mo bhràithrean mi mar shruth: mar neart nan sruth ghabh iad seachad;

Bha iad fo amhluadh, a chionn ro sin gu robh dòchas aca: thàinig iad an sin, agus bha nàire orra.

Ach a‑nis tha sibhse nur neoni; chì sibh mo bhriseadh-cridhe, agus tha eagal oirbh.

Dhealbh na h‑uaibhrich breug am aghaidh, ach gleidhidh mise d’àitheantan lem uile chridhe.

Na tabhair fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.

Feuch tha mise an aghaidh na muinntir a tha a’ fàistneachd aislingean brèige, deir an Tighearna, agus a tha gan innse, agus a’ toirt air mo shluagh-sa dol air seachran lem breugan agus lem briathran faoine; cha mhò a thug mi àithne dhaibh; air an adhbhar sin cha dèan iad, air aon chor, tairbhe don t‑sluagh seo, deir an Tighearna.

Chan eil neach ann a nì tagradh air do shon, a‑chum gum biodh tu air do cheangal suas: ìocshlaint a‑chum leigheis chan eil agad.

Theirig suas gu Gilead, agus gabh ìocshlaint, O òg‑bhean, a nighean na h‑Eiphit; is dìomhain dhut mòran chungaidhean-leighis a ghnàthachadh; air do leigheas cha bhi thu.

Leighis iad mar an ceudna lot nighean mo shluaigh-sa gu faoin, ag ràdh, Sìth, sìth; agus gun sìth ann.

Nach eil ìocshlaint ann an Gilead? Nach eil lèigh an sin? Carson, matà, nach eil slàinte air a h‑aiseag do nighinn mo shluaigh-sa?

Cha do neartaich sibh an lag, cha mhò a leighis sibh an tinn, cha mhò a cheangail sibh suas esan a bha briste, cha mhò a thug sibh air ais a’ chuid a sgapadh, cha mhò a dh’iarr sibh a’ chuid a chailleadh; ach le ainneart riaghail sibh iad, agus le an‑iochd.

Nuair a chunnaic Ephraim a thinneas, agus Iùdah a chreuchd, an sin chaidh Ephraim a‑chum an Asirianaich, agus chuir e fios gu rìgh Iareb: gidheadh cha b’urrainn e ur leigheas, cha mhò a shlànaich e ur creuchd.

Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e riu, Chan eil feum acasan a tha slàn air an lèigh, ach acasan a tha tinn: cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach a‑chum aithreachais.

Agus dh’fhulaing i mòran o iomadh lèigh, agus chaith i na bha aice, agus cha b’fheàirrd i a’ bheag e, ach gum bu mhisde;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan