Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 13:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha thu a’ sgrìobhadh nithean searbha am aghaidh, agus a’ toirt orm euceartan m’òige a shealbhachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic?

Tha a chnàmhan làn de pheacadh a òige, agus maille ris anns an duslach laighidh e.

Carson a thug e don truagh solas, agus beatha dhaibhsan a tha ann an searbhas anama:

Cha leig e leam m’anail a tharraing, ach lìonaidh e mi le seirbhe.

Peacaidhean m’òige agus m’easaontais, na cuimhnich thusa; a rèir do thròcair bi‑sa cuimhneachail orm, air sgàth do mhaitheis, a Thighearna.

Gu deimhinn an dèidh dhomh a bhith air mo thilleadh, ghabh mi aithreachas; agus an dèidh dhomh a bhith air mo theagasg, bhuail mi air mo leis; bha nàire orm, seadh fòs geur-amhluadh, a chionn gun do ghiùlain mi masladh m’òige.

Na dhèidh seo fhuair Iosa e anns an teampall, agus thubhairt e ris, Feuch, rinneadh slàn thu: na peacaich nas mò, air eagal gun tachair nas miosa dhut.

Agus bha duine àraidh an sin, a bha ochd-bliadhna-deug ar fhichead ann an easlaint.

Agus thubhairt ise riu, Na abraibh Naòmi rium: abraibh Màra rium; oir bhuin an t‑Uile-chumhachdach gu ro‑gheur rium.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan