An sin gairm thusa, agus freagraidh mise: no labhraidh mise, agus freagair thusa mi.
Ach labhrainn-sa ris an Uile-chumhachdach, agus b’àill leam tagradh ri Dia.
Gairmidh tusa, agus freagraidh mise thu: air obair do làmh bidh dèidh agad.
Och nach èisdeadh aon rium! Feuch, is e mo mhiann gum freagradh an t‑Uile-chumhachdach mi, agus gun sgrìobhadh m’fhear-casaid leabhar.
Crioslaich a‑nis mar fhear do leasraidh, agus feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi.
Nan gairminn, agus gum freagradh e mi, cha chreidinn gun d’èisd e rim ghuth:
Oir cha duine e mar a tha mise, gum freagrainn e, gun tigeamaid cuideachd gu breitheanas.
An sin labhrainn, agus cha bhiodh eagal orm roimhe: ach chan eil mi mar sin agam fhèin.