Tarraing do làmh fada uam agus na cuireadh d’uamhann eagal orm.
Nach tearc mo làithean? Sguir, matà, agus leig leam, agus gum faigh mi beagan comhfhurtachd,
Nach cuir a òirdhearcas-san eagal oirbh? Agus nach tuit a uamhann-san oirbh?
A‑mhàin dà nì na dèan rium; an sin od ghnùis chan fhalaich mi mi fhèin.
Feuch, cha chuir m’uamhas-sa eagal ort, agus cha bhi mo làmh trom ort.
Thugadh e air falbh a shlat dhìom, agus na cuireadh eagal roimhe uamhas orm.
Chriothnaich m’fheòil le uamhann romhad, agus bha eagal orm rod bhreitheanais.
Tog dhìom do bhuille; le beum do làimhe chlaoidheadh mi.
Gidheadh, thill mi air a h‑ais mo làmh, agus rinn mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach biodh e air a thruailleadh ann am fianais nan cinneach, ann an sealladh an tug mi a‑mach iad.