Is e an Tighearna mo neart agus mo dhàn, agus tha e na shlàinte dhomh: is esan mo Dhia-sa, agus nì mi àite-còmhnaidh dha: Dia m’athar, agus àrdaichidh mi e.
Tha na peacaich ann an Sion fo eagal; ghlac uamhann na cealgairean: cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri teine millteach? Cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri lasraichean sìorraidh?
Oir is ann mar sin a dh’àithn an Tighearna dhuinn, ag ràdh, Chuir mi thu mar sholas do na Cinnich, a‑chum gum biodh tu mar shlàinte gu iomall na talmhainn.