Bithibh nur tosd am thaobh-sa, agus labhraidh mi, agus thigeadh orm na dh’fhaodas.
Tha m’anam sgìth dem bheatha; fàgaidh mi mo ghearan orm fhèin; labhraidh mi ann an seirbhe m’anama.
Tha ur cuimhne cosmhail ri luaithre, mar chuirp creadha ur cuirp.
O nach robh sibh gu tur nur tosd! agus b’e sin ur gliocas.
Fuilingibh dhomh, agus labhraidh mi; agus an dèidh dhomh labhairt, cuiribh ri ur fanaid.
Uime sin cha chùm mi mo bheul; labhraidh mi ann an teanntachd mo spioraid; gearainidh mi ann an seirbhe m’anama.