Tuitidh uamhann agus eagal orra, le meud do ghàirdean bidh iad tosdach mar chloich, gus an tèid do shluagh thairis, a Thighearna, gus an tèid an sluagh seo thairis, a cheannaich thu.
Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich-san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan.
Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?
Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.