Gu cinnteach cronaichidh e sibh, ma ghabhas sibh ann an uaigneas ri pearsachan.
A‑nis, matà, biodh eagal an Tighearna oirbh: thugaibh an aire agus bithibh a’ dèanamh; oir maille ris an Tighearna ar Dia chan eil euceart, no bàidh ri neach seach a chèile, no gabhail duaise.
An gabh sibh ra ghnùis? Airson Dhè an dèan sibh còmhstri?
Na gabham-sa, guidheam ort, ri gnùis duine air bith; agus ri duine na labhram gu miodalach.
Ris-san nach gabh ri gnùis uachdaran, agus nach meas an saoibhir nas mò na am bochd? Oir is iad uile obraichean a làmh.
Cia fhad a bheir sibh breith gu h‑eucorach, agus a ghabhas sibh ri gnùis dhaoine aingidh? Selah.
Ach ma nì sibh leth-bhreith air daoine, tha sibh a’ dèanamh peacaidh, agus tha sibh air ur fàgail shìos leis an lagh mar a luchd-brisidh.