Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 12:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cò aig nach eil fhios a‑thaobh nan nithean seo uile, gur i làmh an Tighearna a rinn seo,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia, Thugadh na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt an creutair gluasadach anns a bheil beatha, agus biodh eunlaith ag itealaich os cionn na talmhainn air aghaidh speuran nèimh.

Ach agamsa tha tuigse, mar a tha agaibhse; chan ìsle mise na sibhse: agus cò aig nach eil fhios air an leithidean sin?

No labhair ris an talamh, agus teagaisgidh e thu; agus cuiridh iasg na mara an cèill dhut.

Feuch, chunnaic mo shùil seo uile; chuala mo chluas, agus mhothaich i e.

Gidheadh lìon e an taighean le nithean matha: ach guma fada a bhios comhairle nan aingidh uamsa.

A‑chum gum faic agus gun aithnich iad, agus gun toir iad fa‑near, agus gun tuig iad maraon, gur i làmh an Tighearna a rinn seo, agus gur e Tì naomh Israeil a dhealbh e.

O thusa a rìgh, thug an Dia as àirde do Nebuchadnesar d’athair rìoghachd, agus mòrachd, agus glòir, agus onair.

A‑nis, uime sin, O ar Dia, èisd ùrnaigh d’òglaich, agus a athchuinge, agus thoir air do ghnùis dealradh air d’ionad naomh a tha na làraich, air sgàth an Tighearna.

Agus nuair a chiùinich an clèireach an sluagh, thubhairt e, Fheara Ephesuis, cò an duine aig nach eil fhios gu bheil baile nan Ephèsianach a’ dèanamh adhraidh don bhan-dia mhòir Diàna, agus don dealbh a thuit a‑nuas o Iupiter?

Oir is ann uaithesan, agus trìd-san, agus air a shon-san a tha na h‑uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.

Is e an Tighearna a nì bochd, agus a nì beartach: leagaidh e sìos, agus togaidh e suas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan