No labhair ris an talamh, agus teagaisgidh e thu; agus cuiridh iasg na mara an cèill dhut.
Agus rinn Dia beathaichean na talmhainn a rèir an gnè, agus an sprèidh a rèir an gnè, agus gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
Ach feòraich a‑nis de na h‑ainmhidhean, agus teagaisgidh iad thu; agus de eunlaith nan speur, agus innsidh iad dhut:
Cò aig nach eil fhios a‑thaobh nan nithean seo uile, gur i làmh an Tighearna a rinn seo,