Agus chruthaich Dia mucan-mara mòra, agus gach uile chreutair beò a ghluaiseas, a thug na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt, a rèir an gnè, agus gach eun iteagach a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
Agus rinn Dia beathaichean na talmhainn a rèir an gnè, agus an sprèidh a rèir an gnè, agus gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.
Seadh, is aithne don chorra-bhàin anns an adhar a h‑àm fhèin, agus is aithne don chalaman agus don chorra-mhonaidh agus don ghòbhlan-ghaoithe àm an teachd: ach chan aithne dom shluagh-sa breitheanas an Tighearna.
Oir riamh o chruthachadh an t‑saoghail tha a nithean-san nach faodar fhaicinn, eadhon a chumhachd sìorraidh agus a Dhiadhachd, air am faicinn gu soilleir, air dhaibh a bhith so‑thuigsinn o na nithean a rinneadh; a‑chum gum biodh iad gun leisgeul aca: