O dhaoine led làimh, a Thighearna, o dhaoine an t‑saoghail, dom bheil an cuibhreann anns a’ bheatha seo, agus don do lìon thu am brù led ionmhas falaichte: sàsaichear an clann, agus fàgaidh iad am fuidheall dan naoidheanan.
Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?
Tha iad air fàs reamhar, tha iad dealrach: seadh, thug iad bàrr air gnìomharan nan aingidh: chan eil iad a’ toirt breith air a’ chùis, cùis an dìlleachdain, gidheadh tha iad a’ soirbheachadh; agus còir an uireasbhaich chan eil iad a’ seasamh.