Dh’fhaodainn-sa mar an ceudna labhairt cosmhail ribhse: nam biodh ur n‑anam an àite m’anama-sa, dh’fhaodainn briathran a chur cuideachd nur n‑aghaidh, agus mo cheann a chrathadh ribh:
Thugaibh-se glòir don Tighearna ur Dia, mun tig an dorchadas, agus mun tuislich ur casan air slèibhtean na doilleireachd; an sin, nuair a bhios ur sùil ri solas, caochlar e gu sgàil a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh.
Dhòmhsa buinidh dìoghaltas, agus luigheachd; ri ùine sleamhnaichidh an cas: oir tha là an sgrios am fagas, agus tha na nithean a thig orra a’ dèanamh deifir.