Mheasg an Tighearna nam meadhon spiorad seachrain; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran na h‑uile obraichean, cosmhail ri misgear a’ tuisleachadh na sgeith.
Bidh an tìr a’ gluasad thuige agus uaithe mar mhisgear; agus atharraichear i mar bhothan-tàimh: oir laighidh a h‑aingidheachd gu trom oirre; agus tuitidh i, agus chan èirich i nas mò.
Tha sinn a’ smeurachadh, mar na doill, ag iarraidh a’ bhalla; agus mar mhuinntir gun fhradharc tha sinn a’ smeurachadh; tha sinn a’ tuisleachadh mu mheadhon-là, mar anns an dùbhradh; tha sinn ann an ionadan uaigneach mar dhaoine marbha.
Agus feuch a‑nis, tha làmh an Tighearna ort, agus bidh tu dall, gun a’ ghrian fhaicinn rè tamaill. Agus air ball thuit ceò agus dorchadas air; agus a’ tionndadh mun cuairt, dh’iarr e dream a threòraicheadh air làimh e.
Agus smeuraichidh tu mu mheadhon-là, mar a smeuraicheas an dall anns an dorchadas, agus cha soirbhich leat ad shlighean: agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart, agus air do chreachadh a‑ghnàth, agus cha teasairg duine sam bith thu.
Ach an tì a tha a’ fuathachadh a bhràthar, tha e anns an dorchadas, agus ag imeachd anns an dorchadas, agus chan aithne dha càit a bheil e a’ dol, do bhrìgh gun do dhall an dorchadas a shùilean.