Mheudaich thu an cinneach, O Thighearna; mheudaich thu an cinneach; tha thu air do ghlòrachadh; sgaoil thu e a‑mach eadhon gu uile iomallan na talmhainn.
Rinn thu an cinneach lìonmhor; nach do mheudaich thu an aoibhneas? Rinn iad gàirdeachas ad làthair, mar ghàirdeachas anns an fhogharadh; mar a nì daoine gàirdeachas nuair a roinneas iad a’ chreach.
Agus a‑mach asda thig buidheachas, agus guth na muinntir a nì gàirdeachas; agus nì mise lìonmhor iad, agus cha bhi iad tearc; nì mi fòs glòrmhor iad, agus cha bhi iad suarach.
Mar nach faod feachd nèimh a bhith air àireamh, no gaineamh na fairge a bhith air a tomhas: is amhlaidh a nì mise lìonmhor sliochd Dhaibhidh m’òglach, agus na Lèbhithich a tha a’ frithealadh dhomh.
Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh;