Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 12:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Taisbeanaidh e nithean doimhne à dorchadas, agus bheir e sgàil a’ bhàis gu solas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt aon de a sheirbhisich, Chan eil neach air bith, a thighearna, a rìgh: ach Elisa am fàidh, a tha ann an Israel, innsidh esan do rìgh Israeil na briathran a labhras tu ann ad sheòmar-leapa.

Agus nach nochdadh e dhut nithean diamhair a’ ghliocais, gu bheil iad dùbailte na tha ann! Biodh fhios agad uime sin gu bheil Dia gad agairt airson d’euceirt.

Oir tha a’ mhadainn dhaibhsan mar sgàil a’ bhàis: ma dh’aithnicheas neach iad, bidh iad ann an uamhasan sgàil a’ bhàis.

Dubhadh an dorchadas agus sgàil a’ bhàis e; gabhadh neul còmhnaidh air; dèanadh iad uamhasach e mar na làithean as seirbhe.

Chan eil dorchadas no sgàil bàis ann, far am falaich luchd-dèanamh na h‑aingidheachd iad fhèin.

Ma their mi, Gu deimhinn falaichidh an dorchadas mi, bidh an oidhche fhèin mar sholas mun cuairt orm.

Chan fhalaich eadhon an dorchadas uatsa, ach dealraichidh an oidhche mar an là; is ionann an dorchadas agus an solas dhutsa.

Nach rannsaich Dia seo a‑mach, oir tha fhios aigesan air nithean diamhair a’ chridhe?

Foillsichidh e na nithean domhain agus diamhair: is aithne dha ciod a tha anns an dorchadas, agus tha an solas a chòmhnaidh maille ris.

Iarraibh esan a tha a’ dèanamh nan seachd reultan agus Orion; agus a’ tionndadh sgàil a’ bhàis gu madainn, agus a nì an là dorcha mar an oidhche: a tha a’ gairm air uisgeachan na fairge, agus gan dòrtadh a‑mach air aghaidh na talmhainn; is e Iehòbhah a ainm:

Uime sin na biodh eagal oirbh romhpa: oir chan eil nì sam bith falaichte nach foillsichear; agus an cleith nach dèanar aithnichte.

A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe.

Ach dh’fhoillsich Dia dhuinne iad le a Spiorad: oir tha an Spiorad a’ rannsachadh nan uile nithean, eadhon nithean domhain Dhè.

Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan