Cha bhi aon neach fann, agus cha bhi aon neach tuisleach nam measg; cha tig clò, cha tig cadal air aon dhiubh; chan fhuasglar crios an leasraidh, agus cha bhrisear barr-iall am bròg.
Agus atharraichidh e na h‑àmannan, agus na h‑aimsirean: atharraichidh e rìghrean, agus cuiridh e suas rìghrean: bheir e gliocas don ghlic, agus eòlas dhaibhsan don aithne tuigse.
Agus bha a’ chulaidh aig Eòin de fhionnadh chàmhal, agus crios leathair aige timcheall a leasraidh; agus is e bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich.