Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 12:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Aigesan tha neart agus gliocas: is leis-san esan a mheallar, agus esan a mheallas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Maille ris-san tha gliocas agus neart; aigesan tha comhairle agus tuigse.

An labhair sibh gu h‑aingidh airson Dhè? Agus air a shon-san an labhair sibh gu cealgach?

A bheil e math gun rannsaicheadh e a‑mach sibh? Mar a nìthear fanaid air duine, an dèan sibh fanaid airsan?

Ach tha spiorad anns an duine, agus bheir anail an Uile-chumhachdaich tuigse dha.

Oir bheir an Tighearna gliocas; as a bheul thig eòlas agus tuigse.

Ach tha Esan glic, agus bheir e olc orra, agus cha chuir e a fhacal air chùl; ach èiridh e an aghaidh taigh nan aingidh agus an aghaidh cobhair na muinntir a tha a’ dèanamh euceirt.

Agus ma bhios am fàidh air a mhealladh an tràth a labhair e nì, is mise an Tighearna a mheall am fàidh sin; agus sìnidh mi mo làmh a‑mach air, agus sgriosaidh mi e o mheadhon mo phobaill Israeil.

Fhreagair Daniel, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh ainm Dhè gu saoghal nan saoghal; oir is leis-san gliocas agus cumhachd.

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan