Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 12:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Maille ris-san tha gliocas agus neart; aigesan tha comhairle agus tuigse.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus nach nochdadh e dhut nithean diamhair a’ ghliocais, gu bheil iad dùbailte na tha ann! Biodh fhios agad uime sin gu bheil Dia gad agairt airson d’euceirt.

Aigesan tha neart agus gliocas: is leis-san esan a mheallar, agus esan a mheallas.

Le a chumhachd roinnidh e an fhairge, agus le a thuigse buailidh e an t‑uaibhreach.

Feuch, tha Dia cumhachdach, agus cha dèan e tàir; cumhachdach ann an neart le gliocas.

Cò a chuir gliocas anns an taobh a‑staigh? No cò a thug tuigse don chridhe?

Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich?

Is mòr an Tighearna, agus is mòr a chumhachd; tha a thuigse gun tomhas.

Is leamsa comhairle, agus fìor ghliocas: is leamsa tuigse; is leamsa neart;

Ach tha Esan glic, agus bheir e olc orra, agus cha chuir e a fhacal air chùl; ach èiridh e an aghaidh taigh nan aingidh agus an aghaidh cobhair na muinntir a tha a’ dèanamh euceirt.

A’ foillseachadh na crìche on tùs, agus on aimsir chèin; nan nithean nach eil fhathast dèante; ag ràdh, Seasaidh mo chomhairle, agus gach nì as àill leam nì mi:

Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan.

Fhreagair Daniel, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh ainm Dhè gu saoghal nan saoghal; oir is leis-san gliocas agus cumhachd.

Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi ur naimhdean uile comasach air labhairt no cur na aghaidh.

Oir cò aig an robh fios inntinn an Tighearna, no cò a bu chomhairleach dha?

Ach dhaibhsan a tha air an gairm, araon Iùdhaich agus Greugaich, Crìosd cumhachd Dhè, agus gliocas Dhè:

Anns an d’fhuair sinne mar an ceudna oighreachd, air dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an tì a tha ag obrachadh nan uile nithean a rèir comhairle a thoile fhèin;

Anns an robh e ro‑phailt dhuinn anns an uile ghliocas, agus thuigse;

Anns a bheil uile ionmhasan a’ ghliocais agus an eòlais falaichte.

Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan