Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 12:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns na h‑aosda tha gliocas; agus ann am fad làithean tuigse.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus chuir rìgh Rehobòam a chomhairle ris na seann daoine a sheas an làthair Sholaimh a athair, nuair a bu bheò e, ag ràdh, Cionnas a tha sibh a’comhairleachadh dhomh freagradh a thabhairt don t‑sluagh seo?

Tha araon an ceann-liath agus an t‑aosmhor nar measg-ne nas sine gu mòr na d’athair.

Agus fhreagair Elihu mac Bharacheil am Busitheach, agus thubhairt e, Tha mise òg, agus sibhse aosmhor; uime sin bha eagal orm, agus bha mi sgàthach mum bharail a nochdadh dhuibh.

Thubhairt mi, Labhradh làithean, agus teagaisgeadh lìonmhorachd bhliadhnachan gliocas.

Oir fiosraich, guidheam ort, den linn roimhe, agus deasaich thu fhèin a‑chum rannsachadh an athraichean:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan