Iob 12:10Am Bìoball Gàidhlig 1992Aig a bheil na làimh anam gach nì beò, agus anail gach uile fheòil dhaoine? Faic an caibideil |
Ach thog thu suas thu fhèin an aghaidh Tighearna nèimh, agus thug iad soithichean a thaighe ann ad làthair, agus dh’òl thu fhèin, agus do thighearnan, do mhnathan, agus do choileabaich, fìon asda, agus chliùthaich thu na diathan airgid, agus òir, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche, aig nach eil lèirsinn no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig a bheil d’anail na làimh, agus dom buin d’uile shlighe, cha do ghlòraich thu.