Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 11:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ard mar na nèamhan; ciod a nì thu? Nas doimhne na ifrinn; ciod as aithne dhut?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh maille ri daoine air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia as ro‑lugha na sin an taigh seo a thog mise?

Nas fhaide na an talamh a thomhas, agus nas leithne na an fhairge.

Nach eil Dia ann an àirde nan nèamh? Agus faic mullach nan rionnag, cia àrd a tha iad.

Lomnochd tha ifrinn na làthair, agus chan eil còmhdachadh air lèirsgrios.

Amhairc air na nèamhan, agus, feuch; agus faic na neòil as àirde na thu.

An t‑Uile-chumhachdach, chan urrainn sinn fhaghail a‑mach: tha e òirdheirc ann an cumhachd, agus ann am breitheanas, agus ann an làn cheartas: cha sàraich e.

An d’fhosgladh geatachan a’ bhàis dhut? No am faca tu dorsan sgàil a’ bhàis?

Caithear an neul, is thèid e as; mar sin esan a thèid sìos don uaigh, cha tig e a‑nìos.

Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e.

Moladh iad sin ainm an Tighearna, oir tha a ainm-san a‑mhàin urramach, tha a ghlòir os cionn na talmhainn agus nan nèamh.

Tha d’fhìreantachd mar na beanntan àrda, do bhreitheanais nan doimhne mhòir; gleidhidh tusa, a Thighearna, duine agus ainmhidh.

Cò a chaidh suas do nèamh, no a thàinig a‑nuas? Cò a chruinnich a’ ghaoth na dhùirn? Cò a cheangail na h‑uisgeachan ann an trusgan? Cò a shuidhich uile chrìochan na talmhainn? Ciod as ainm dha? Agus ciod e ainm a mhic, ma tha fhios agad?

Oir mar tha na nèamhan àrd seach an talamh, mar sin tha mo shlighean-sa àrd seach ur slighean-se, agus mo smuaintean-sa seach ur smuaintean-se.

Ged chladhaich iad gu ruig an t‑ionad ìochdarach, as a sin bheir mo làmh-sa a‑nìos iad; ged thèid iad a suas gu nèamh, as a sin bheir mise a‑nuas iad:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan