An t‑Uile-chumhachdach, chan urrainn sinn fhaghail a‑mach: tha e òirdheirc ann an cumhachd, agus ann am breitheanas, agus ann an làn cheartas: cha sàraich e.
Cò esan a cheileas comhairle gun eòlas? Uime sin chuir mi an cèill nithean nach do thuig mi; nithean tuilleadh is iongantach air mo shon-sa, nach b’aithne dhomh.
Cò a chaidh suas do nèamh, no a thàinig a‑nuas? Cò a chruinnich a’ ghaoth na dhùirn? Cò a cheangail na h‑uisgeachan ann an trusgan? Cò a shuidhich uile chrìochan na talmhainn? Ciod as ainm dha? Agus ciod e ainm a mhic, ma tha fhios agad?
Rinn e gach nì maiseach na àm fhèin: chuir e mar an ceudna an saoghal nan cridhe, air chor is nach urrainn aon duine an obair fhaotainn a‑mach a tha Dia a’ dèanamh, o thoiseach gu deireadh.
Nach aithne dhut, nach cuala tu? An Dia bithbhuan, an Tighearna, Cruithear crìochan na talmhainn, chan fhannaich agus cha sgìthich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh.
Tha na h‑uile nithean air an tabhairt thairis dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith am Mac, ach don Athair: cha mhò as aithne do neach air bith an t‑Athair, ach don Mhac, agus do gach aon don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.
Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach;