Agus nach nochdadh e dhut nithean diamhair a’ ghliocais, gu bheil iad dùbailte na tha ann! Biodh fhios agad uime sin gu bheil Dia gad agairt airson d’euceirt.
Ach an dèidh gach nì a thàinig oirnn airson ar droch obair, agus airson ar cionta mhòir, o nach do rinn thusa ar Dia peanas oirnn a rèir ar droch thoillteanais, agus gun tug thu dhuinn a leithid seo de shaorsa;
Ach tha Dia ann an nèamh a dh’fhoillsicheas nithean diamhair, agus a tha a’ toirt fios do Nebuchadnesar ciod a thachras anns na làithean deireannach. Do bhruadar, agus aislingean do chinn air do leabaidh, is iad seo iad:
Fhreagair an rìgh Daniel, agus thubhairt e, Gu fìrinneach is e ur Dia-se Dia nan diathan, agus Tighearna nan rìghrean, agus fear-foillseachaidh nithean diamhair, air dhutsa a bhith comasach an diamhaireachd seo fhoillseachadh.
A‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh, ag ràdh, Fosglaidh mi mo bheul ann an cosamhlachdan, cuiridh mi an cèill nithean a bha falaichte o thoiseach an t‑saoghail.
Nì, ann an linntean eile, air nach tugadh fios do chloinn nan daoine, mar tha e a‑nis air fhoillseachadh da abstoil naomha agus da fhàidhean tre an Spiorad;
Buinidh na nithean diamhair don Tighearna ar Dia, ach na nithean a tha foillsichte dhuinne agus dar cloinn a‑chaoidh, a‑chum is gun dèan sinn uile bhriathran an lagha seo.