Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 11:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thubhairt thu, Glan tha mo theagasg, agus neochiontach tha mi ann ad shùilean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Tha fhios agad nach do rinn mi gu h‑aingidh: agus chan eil neach ann a shaoras od làimh.

Ach, O nach labhradh Dia, agus nach fosgladh e a bhilean riut;

Cò a bheir glan à neòghlan? Cha tabhair a h‑aon.

An saoil thusa seo a bhith ceart, gun dubhairt thu, Tha m’fhìreantachd-sa os cionn fìreantachd Dhè;

An sin bhiodh furtachd agam fhathast, ged bhithinn air mo chruadhachadh ann an do‑bhròn, agus nach caomhnadh e; oir cha do cheil mi briathran an Aoin naoimh.

Pheacaich mi; ciod a nì mi dhut, O fhir-coimhead dhaoine? Carson a chuir thu mi ad aghaidh, agus a tha mi am èire orm fhèin?

Oir tha mi a’ toirt dhuibh deagh theagaisg; na trèigibh-se mo reachd.

Ach naomhaichibh an Tighearna Dia nur cridheachan: agus bithibh ullamh a‑ghnàth a‑chum freagradh a thoirt, maille ri ceannsachd agus eagal, do gach uile dhuine a dh’iarras oirbh reuson an dòchais a tha annaibh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan