Agus earbaidh tu, oir bidh dòchas agad; agus cladhaichidh tu, agus gu tèarainte gabhaidh tu tàmh.
Agus nas soilleire na meadhon-là fàsaidh d’aois; ged robh thu ann an dorchadas, mar a’ mhadainn bidh tu.
Agus nuair a laigheas tu sìos, cha chuir neach air bith eagal ort; agus iarraidh mòran do ghnùis.
Ciod e mo neart, gum biodh dòchas agam? Agus ciod i mo chrìoch, gun sìninn mo bheatha?
Tha mo làithean nas luaithe na spàl figheadair, agus tha iad air an caitheamh gun dòchas.
Is dìomhain dhuibhse a bhith ag èirigh gu moch, a bhith a’ suidhe gu h‑anmoch, ag ithe aran a’ bhròin, nuair a bheir esan cadal do fhear a’ ghràidh.
Laigh mi sìos agus chaidil mi: dhùisg mi, oir chùm an Tighearna suas mi.
Ann an sìth araon laighidh mi, agus caidlidh mi; oir is tusa a‑mhàin, a Thighearna, a bheir orm còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte.
Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.
Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.
Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin-diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire;