Chunnaic thu e, oir is lèir dhut olc agus mìorun, a‑chum an dìoladh led làimh: ortsa fàgaidh an duine bochd e fhèin; is tu fear-cuideachaidh an dìlleachdain.
Ma chì thu fòirneart an duine bhochd, agus fiaradh breitheanais agus ceartais le làimh làidir ann am mòr-roinn, na biodh ioghnadh ort ris an nì seo: oir bheir an tì as àirde na an neach a tha àrd acasan an aire, agus tha iad ann as àirde na iadsan.
Agus chan eil iad a’ toirt fa‑near nan cridhe gur cuimhne leamsa an uile aingidheachd: a‑nis chuartaich an gnìomharan fhèin iad air gach taobh; tha iad fa chomhair m’aghaidh-sa.
Tha do shùilean nas glaine na gun seall thu air olc, agus chan fhaod thu amharc air aingidheachd: cuime a bheil thu ag amharc air luchd-ceannairc, agus a’ fantainn ad thosd nuair tha an t‑aingidh a’ slugadh suas an duine as ionraice na e fhèin?
Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair-san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt.
Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean.