Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 11:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma ghearras e as, no ma dhùineas e suas, no ma chruinnicheas e ri chèile, cò a bhacas e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Nas fhaide na an talamh a thomhas, agus nas leithne na an fhairge.

Feuch, brisidh e sìos, agus cha togar suas: druididh e suas duine, agus chan fhosglar.

Nuair a bheir esan fois, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin.

No cò a dhruid a‑staigh an fhairge le dorsan nuair a bhris i a‑mach mar gun tigeadh i as a’ bhroinn;

Oir cràdhaidh e, agus ceanglaidh e suas; lotaidh e, agus lèighsidh a làmhan.

Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich?

Agus cha do dhruid thu suas mi ann an làimh mo nàmhaid; shocraich thu mo chasan ann an àite farsaing.

Oir shònraich Tighearna nan sluagh a’ chomhairle, agus cò a bhacas? Agus is i a làmh-san a tha sìnte mach, agus cò a thilleas air a h‑ais i?

Their mi ri Sion an toiseach, Feuch, feuch iad sin; agus do Ierusalem bheir mi teachdaire deagh sgeòil.

Agus tha uile luchd-àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

Cionnas a chuireadh a h‑aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mura biodh an carraig air an reiceadh, agus mura biodh an Tighearna air an druideadh suas?

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan