Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine de dhuslach na talmhainn: agus shèid e ann an cuinneinean a shròine anail na beatha; agus dh’fhàs an duine na anam beò.
Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.
Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.
Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige-chreadha ri fear-deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris-san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi?
Agus chan eil aon neach ann a tha a’ gairm air d’ainm, a tha ga dhùsgadh fhèin suas a dhèanamh greim ort; oir dh’fhalaich thu do ghnùis uainn, agus chlaoidh thu sinn airson ar n‑euceartan.
O thaigh Israeil, nach faod mise a dhèanamh ribhse mar an creadhadair seo? deir an Tighearna. Feuch, mar a’ chriadh an làimh a’ chreadhadair, is amhail sin sibhse ann am làimh-sa, O thaigh Israeil.
Nach eil cumhachd aig a’ chreadhadair air a’ chriadh, ionnas gun dèanadh e den aon mheall aon soitheach a‑chum urraim, agus soitheach eile a‑chum eas-urraim?