Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 10:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Shaothraich do làmhan-sa mi, agus rinn iad mi coicheart mun cuairt; agus an sgrios thu mi?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Am math leat gun sàraicheadh tu? Gun dèanadh tu tàir air obair do làmh? Agus gun dealraicheadh tu air comhairle nan aingidh?

Cò esan a thagras rium? Oir a‑nis, ma bhios mi am thosd, bheir mi suas an deò.

Oir tha fhios agam gun toir thu mi gu bàs, agus a‑chum an taighe a dh’òrdaicheadh do gach uile bheò.

Oir le doineann tha e gam bhruthadh, agus a’ dèanamh mo lot lìonmhor gun adhbhar.

Is aon nì e: uime sin thubhairt mi, Am foirfe agus an t‑aingidh tha e a’ sgrios.

Biodh fhios agaibh gur e an Tighearna as Dia ann; is e a rinn sinn, agus cha sinn fhèin; is sinn a shluagh, agus caoraich a ionaltraidh-san.

Rinn agus dhealbh do làmhan mi; thoir tuigse dhomh, a‑chum gum fòghlaim mi d’àitheantan.

Coileanaidh an Tighearna air mo shon; mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth; na trèig obraichean do làmh.

Cha d’fhalaicheadh mo chorp uat nuair a rinneadh mi ann an diamhaireachd, a dhealbhadh mi gu h‑iongantach ann an ionadan ìochdarach na talmhainn.

Chunnaic do shùilean mo chiad-fhàs anabaich, agus ann ad leabhar sgrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh ri ùine, gun aon dhiubh fhathast ann.

Chùm esan an cridhe air aon dòigh; bheir e fa‑near an gnìomharan uile.

Eadhon gach neach a tha air a ghairm air m’ainm-sa; oir a‑chum mo ghlòire chruthaich mi e, dhealbh mi e; seadh, rinn mi e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan