Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 10:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha fhios agad nach do rinn mi gu h‑aingidh: agus chan eil neach ann a shaoras od làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

35 Iomraidhean Croise  

Ma bhios mi aingidh, mo thruaighe mi! Agus ma bhios mi ionraic, cha tog mi mo cheann. Làn maslaidh tha mi, agus faic fhèin m’àmhghar;

Oir thubhairt thu, Glan tha mo theagasg, agus neochiontach tha mi ann ad shùilean.

Feuch a‑nis, chuir mi mo chùis ann an òrdagh: tha fhios agam gun saorar mi.

Ach is aithne dha an t‑slighe agam: nuair a dhearbhas e mi, mar òr thig mi a‑mach.

Air a cheuman chùm mo chas; ghlèidh mi a shlighe agus cha do chlaon mi.

Oir caithidh Dia air, agus cha chaomhain e: bu mhiann leis teicheadh as a làimh.

Ciod, matà, a nì mi nuair a dh’èireas Dia? Agus nuair a dh’fhiosraicheas e, ciod a fhreagras mi dha?

Och nach èisdeadh aon rium! Feuch, is e mo mhiann gum freagradh an t‑Uile-chumhachdach mi, agus gun sgrìobhadh m’fhear-casaid leabhar.

Cudthromaichear mi ann am meidhean a’ cheartais, a‑chum gum bi fhios aig Dia air m’ionracas.

An sin sguir an triùir dhaoine seo de thoirt freagraidh air Iob, a chionn gu robh e ionraic na shùilean fhèin.

Glan tha mi, gun easaontas; neo-chiontach tha mi, agus chan eil euceart annam.

An toir thusa mo bhreitheanas-sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?

Ach an dèidh don Tighearna na briathran sin a labhairt ri Iob, thubhairt an Tighearna ri Eliphas an Temanach, Tha m’fhearg air a lasadh ad aghaidh-sa, agus an aghaidh do dhithis chàirdean, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.

Feuch, ma bheir e air falbh, cò a bhacas e? Cò a their ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

Foirfe ged bhithinn, chan aithnichinn e: am anam dhèanainn tàir air mo bheatha.

Is aon nì e: uime sin thubhairt mi, Am foirfe agus an t‑aingidh tha e a’ sgrios.

Oir is aithne don Tighearna slighe nam fìrean, ach sgriosar slighe nan aingidh.

Dhearbh thu mo chridhe; dh’fhiosraich thu mi anns an oidhche; rannsaich thu mi, cha d’fhuair thu a’ bheag; is e mo rùn nach ciontaich mo bheul.

Smaoinichibh a‑nis air seo, sibhse nach cuimhnich Dia, air eagal gun reub mi as a chèile, gun neach ann a theasairgeas.

A Thighearna mo Dhia, ma rinn mi seo, ma tha lochd am làmhan,

Eadhon mun robh là ann, is mi E; agus chan eil neach ann a theasairgeas as mo làimh; obraichidh mise, agus cò a bhacas e?

A‑nis ma bhios sibh deas, ge bè air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gu sleuchdadh sìos, agus adhradh a dhèanamh don ìomhaigh a rinn mise, is math: ach mura dèan sibh adhradh, tilgear sibh, anns a’ cheart uair sin, ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich; agus cò an Dia sin as urrainn ur tèarnadh as mo làmhan-sa?

Agus a‑nis leigidh mi ris a neòghlaine ann an sealladh a luchd-gaoil, agus cha saor duine sam bith as mo làimh i.

Gu deimhinn bidh mise mar leòmhann do Ephraim, agus mar leòmhann òg do thaigh Iùdah: reubaidh mise, eadhon mise fhèin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thèarnas.

Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.

Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.

Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.

Is fianaisean sibhse, agus Dia, cia naomh, agus cia cothromach, agus neo-lochdach a ghiùlain sinn sinn fhèin nur measg-se a tha a’ creidsinn:

Aig an Tighearna Dia nan diathan, aig an Tighearna Dia nan diathan e fhèin tha fhios, agus aig Israel bidh fhios, mas ann an ceannairc, no ann an easaontas an aghaidh an Tighearna, (mas ann, na saor sinn an‑diugh,)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan