Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 10:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gun sireadh tu airson m’euceirt, agus gun rannsaicheadh tu airson mo pheacaidh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Cia lìonmhor m’euceartan agus mo pheacaidhean? Air m’easaontas agus mo pheacadh thoir fios dhomh.

Oir a‑nis tha thu ag àireamh mo cheum: agus nach eil thu ri faire air mo pheacadh?

Am thaobh-sa, an ann ri duine a tha mo ghearan? Agus nam b’ann, carson nach biodh mo spiorad fo bhuaireas?

Carson a chuireas tu na aghaidh? Oir ann an aon air bith de a nithean cha toir e cunntas.

Pheacaich mi; ciod a nì mi dhut, O fhir-coimhead dhaoine? Carson a chuir thu mi ad aghaidh, agus a tha mi am èire orm fhèin?

Bris thusa gàirdean an aingidh agus an droch dhuine; rannsaich a‑mach a aingidheachd gus nach faigh thu i.

Nach rannsaich Dia seo a‑mach, oir tha fhios aigesan air nithean diamhair a’ chridhe?

Fhuaireadh ann ad sgioball mar an ceudna fuil anam nan neochiontach bochda: chan ann le sgrùdadh domhain a fhuair mi a‑mach i, ach air a craobh-sgaoileadh.

Agus tàrlaidh anns an àm sin gun rannsaich mise Ierusalem le coinnlean, agus smachdaichidh mi na daoine a tha socrach air an deasgainean; a tha ag ràdh nan cridhe, Cha dèan an Tighearna math, cha mhò a nì e olc.

Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.

Ach ma dh’iarras tu an Tighearna do Dhia as a sin, amaisidh tu air, ma dh’iarras tu e led uile chridhe, agus led uile anam.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan