An ann mar làithean duine a tha do làithean-sa? A bheil do bhliadhnachan mar làithean duine,
Gun sireadh tu airson m’euceirt, agus gun rannsaicheadh tu airson mo pheacaidh?
Feuch, tha Dia mòr, agus chan aithne dhuinne e; agus cha rannsaichear a‑mach àireamh a bhliadhnachan.
Ach mairidh tusa, a Thighearna, gu bràth, agus do chuimhne o linn gu linn.
Mairidh clann do sheirbhiseach, agus daingnichear an sliochd ad fhianais.
Agus fillidh tu iad mar bhrat, agus caochlaidhear iad: ach is tusa an Tì ceudna, agus chan fhàilnich do bhliadhnachan.
Ach, a mhuinntir mo ghràidh, na bithibh-se aineolach air an aon nì seo, gu bheil aon là aig an Tighearna mar mhìle bliadhna, agus mìle bliadhna mar aon là.