Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 10:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A bheil sùilean feòla agad? An ann mar a chì duine a chì thusa?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Bheir e dha a bhith ann an tèarainteachd, agus as a sin earbaidh e; ach tha a shùilean air an slighean.

Oir gu crìochan na talmhainn amhaircidh esan; fo na nèamhan uile chì e:

Oir tha a shùilean air slighean duine, agus chì e a cheuman gu lèir.

Oir cha duine e mar a tha mise, gum freagrainn e, gun tigeamaid cuideachd gu breitheanas.

Agus thubhairt e riu, Is sibhse an dream a tha gur fìreanachadh fhèin am fianais dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an nì sin a tha ro‑mheasail aig daoine, is gràinealachd e am fianais Dhè.

Bha a cheann agus a fhalt geal mar olainn ghil, mar shneachd; agus a shùilean mar lasair theine;

Ach thubhairt an Tighearna ri Samuel, Na amhairc air a ghnùis, no air àirde a phearsa, a chionn gun do chuir mise cùl ris; oir chan fhaic an Tighearna mar a chì duine; oir amhaircidh an duine air coslas an taoibh a‑muigh, ach amhaircidh an Tighearna a‑steach air a’ chridhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan