Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 10:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Am math leat gun sàraicheadh tu? Gun dèanadh tu tàir air obair do làmh? Agus gun dealraicheadh tu air comhairle nan aingidh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Shaothraich do làmhan-sa mi, agus rinn iad mi coicheart mun cuairt; agus an sgrios thu mi?

Gairmidh tusa, agus freagraidh mise thu: air obair do làmh bidh dèidh agad.

Gu bheil thu a’ tionndadh do spioraid an aghaidh Dhè, agus a’ leigeadh an leithidean sin de bhriathran a‑mach as do bheul?

Thug Dia mi thairis don an‑diadhaidh, agus an làimh nan aingidh thilg e mi.

Biodh fhios agaibh a‑nis gun do thilg Dia thairis mi, agus gun do chuir e a lìon mun cuairt orm.

Feuch, chan eil am math nan làimh: tha comhairle nan aingidh fada uamsa.

Gidheadh lìon e an taighean le nithean matha: ach guma fada a bhios comhairle nan aingidh uamsa.

Mar as beò Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t‑Uile-chumhachdach a chràidh m’anam,

Tha thu air fàs an‑iochdmhor rium; le neart do làimhe tha thu gad chur fhèin am aghaidh.

Nach e an tì a rinn mise anns a’ bhroinn, a rinn esan? Agus nach aon a dhealbh sinn anns a’ bhroinn?

Rinn spiorad Dhè mi, agus thug anail an Uile-chumhachdaich beatha dhomh.

An teagaisg esan a nì strì ris an Uile-chumhachdach? Esan a thagras ri Dia, freagradh e air a shon.

An toir thusa mo bhreitheanas-sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?

Feuch, cha tilg Dia air falbh an duine foirfe, agus cha ghabh e greim de làimh nan daoine aingidh:

Is aon nì e: uime sin thubhairt mi, Am foirfe agus an t‑aingidh tha e a’ sgrios.

Thugadh an talamh ann an làimh an aingidh: aghaidhean a bhritheamhan còmhdaichidh e: mura dèan e mar seo, càite, cò esan a nì?

Biodh fhios agaibh gur e an Tighearna as Dia ann; is e a rinn sinn, agus cha sinn fhèin; is sinn a shluagh, agus caoraich a ionaltraidh-san.

Coileanaidh an Tighearna air mo shon; mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth; na trèig obraichean do làmh.

Oir èisdidh an Tighearna ri bochdan, agus cha dèan e tàir air a phrìosanaich.

Ach a‑nis, O Thighearna, is tusa ar n‑Athair; is sinne a’ chriadh, agus is tusa ar fear-deilbh; agus is sinne uile obair do làimhe.

Uime sin, an dream a dh’fhuilingeas a rèir toil Dhè, earbadh iad an anaman ris-san ann an dèanamh maith, mar ri Cruithear dìleas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan